Cuideam air Tesco mu Cheangal-rathad Inbhir Nis

  • 9 An Dàmhair 2013
Plana den rathad ùr
Image caption Tha Tesco ag ràdh nach do chùm a' Chomhairle ris a' chùmhnant a bh' ann.

Chuir ceannard Comhairle na Gàidhealtachd cuideam air a' chompanaidh Tesco airgead a chur ri pròiseact Ceangail-rathaid an Iar Inbhir Nis, mar a bha iad air gealltainn bho thùs.

Coinnichidh an Comh. Drew Hendry ri riochdairean na companaidh agus eas-aonta eadar iad stèidhichte air an rathad a bhith deiseil ann an 2011.

Ann an 2001, dh'innis a' chompanaidh gun cuireadh iad airgead ris a' phròiseact nam biodh e deiseil ann an 2011.

Tha iad ag ràdh nach do chùm an t-ùghdarras ionadail ris a' chùmhnant a bha sin, agus nach fhaigh iad sgillinn ruadh bhuapa.

Dh'iarr Mgr Hendry coinneamh leotha.

Tha e ag ràdh gum bu chòir dhaibh an t-suim airgid a phàigheadh air adhbharan moralta.

Thuirt fear-labhairt on chompanaidh ge-tà, gu bheil iad a' cur suime agus speis anns na dleasatansan laghail a th' orra.

Thuirt e gu bheil iad mar thà air £10m a chur ri eaconamaidh bhaile Inbhir Nis, agus a' bhùth ùr aca ri taobh an h-aibhne air cosnadh a thoirt do cheud duine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile