Gearain san Aodann Bhàn

  • 9 An Dàmhair 2013

Nì pàrantan ann an sgìre an Aodainn Bhàin, san Eilean Sgitheanach, gearain oifigeil mu Chomhairle na Gàidhealtachd, agus dragh orra mun sgoil-àraich sa bhaile.

Dhùin a' Chomhairle an t-ionad rè ùine an-uiridh, ach tha dragh air pàrantan a-nis gun tèid a dhùnadh làn-ùine, agus gun toir sin buaidh air an sgoil san sgìre.

Tha pàrantan mì-thoilichte leis an dòigh sa bheil a' Chomhairle a' làimhseachadh an cuid draghan, agus tha uallach orra gum bi e doirbh daoine a thàladh chun na sgìre mur a bheil goireasan gu leòr ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile