Tuath-èisg
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tuath-èisg ùr do Ghleann Dail?

8 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha planaichean connspaideach airson tuath-èisg ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach a' sgaradh bheachdan sa choimhearsnachd.

Tha a' chompanaidh Kames airson 14 cèidsichean a chur ann an Loch Polltìle airson bradan àrach.

Tha iad a' gealltainn obair do cheathrar ach tha cuid den bheachd gun dèan leithid an leasachadh barrachd chron na feum.