Pròiseact nan Ealan "ceart"

  • 8 An Dàmhair 2013

Cho-dhùin tribunal cosnaidh gu robh Pròiseact nan Ealan ceart, an ceannard ionmhais a bh' aca a chuir às a dhreuchd.

Bha Iain Murchadh Mac a' Mhaoilein aig a' bhuidhinn Ghàidhlig fad naoi bliadhna mus deach a chuir às a dhreuchd ri linn chasaidean gun robh e air cairt-creideis na buidhne a chleachdadh airson nithean pearsanta agus gun d' fhuair e cus airgid co-cheangailte ri cosgaisean.

Chaidh a chuir às a dhreuchd anns an Iuchair an-uiridh, às dèidh dha a bhith air a chasg bho obair roimhe air sgàth nan casaidean seo.

Thog Mgr Mac a' Mhaoilein a' chùis 's e a' faireachdainn gun deach dèiligeadh ris gu mì-chothromach.

Casaidean

Chuala an tribunal cosnaidh gun do chleachd Mhgr Mac a' Mhaoilein cairt-creideis na companaidh airson taidhrichean ùr dhan charbad aige, oidhche ann an taigh-òsta dha fhèin 's dha bhean agus airson speuclairean ùr a cheannach.

Thàinig seo gu aire cheannard ùr na buidhne, Erica Mhoireasdan, goirid às dèidh dhith toiseachadh anns an obair.

Thòisich i a' rannsachadh nan cosgaisean aige às dèidh dhith faighinn a-mach gun d' fhuair e cosgaisean bhon bhuidhinn, a bha ise air a dhiùltadh dha.

Dìon

Bha Mghr Mac a' Mhaoilein a' cumail a-mach ge-tà gu robh e na chleachdadh aig a' bhuidhinn, cairtean-creideis obrach a chleachdadh airson nithean pearsanta a cheannach - agus gu robh feadhainn eile ris cuideachd.

Bha làn dhùil aige, thuirt e, an t-airgead a phàigheadh air ais.

Dh'aidich e ge-tà gun do rinn e mearachd le aon thagradh airson cosgaisean.

Bha am fear-lagh aige a' cumail a-mach nach do lean Pròiseact nan Ealan am pròiseas ceart airson duine a chuir às a dhreuchd, seach nach deach innse dha Mgr Mac a' Mhaoilein gu robh an rannsachadh seo ga dhèanamh.

Breithneachadh

Cho-dhùin am britheamh, Stiùbhart Watt, gu robh Pròiseact nan Ealan air na dh'fheumadh iad a dhèanamh airson duine a chuir às a dhreuchd a cho-lìonadh.

Thuirt e cuideachd nach robh earbsa aige anns an fhianais a thug Mgr Mac a' Mhaoilein seachad.

Ghabh e ris gu robh laigsean anns an dòigh anns an do làimhsich Pròiseact nan Eilean a' chùis, ach thuirt e nach robh gin dhen na teagamhan sin làidir gu leòr airson son 's gum biodh tagradh Mghr Mhic a' Mhaoilein soirbheachail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile