Fàilte air MacIlleMhìcheil

  • 8 An Dàmhair 2013
Alasdair MacIlleMhìcheil
Image caption Ghabh Alasdair MacIlleMhìcheil àite Mhìcheil Mhoore

Tha Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, dhen bheachd gum bi Rùnaire ùr na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, tuigseach mu fheumalachdan choimhearsnachdan eileanach na h-Alba, seach gur e Arcaibh agus Sealtainn an roinn phàrlamaid aige fhèin.

Chaidh Alasdair MacIlleMhìcheil a chuir an àite Mhìcheal Mhoore mar phàirt dhen chrathadh a thug am Prìomhaire air a' Chaibeanat Diluain.

Tha seo a' tachairt 's na h-ùghdarrasan ionadail Albannach - Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairlean Arcaibh agus Shealtainn - an sàs ann an iomairt airson tuilleadh chumhachdan fhaighinn dhaibh fhèin.

Tha an iomairt, air a bheil an t-ainm "Ar n' eileanan ri teachd", a' strì airson leithid teachd a-steach Oighreachd a' Chrùin agus smachd air an iasgach a chuir fo stiùir nan comhairlean.

Taiceil

Thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu robh Mìcheal Moore air a bhith taiceil dhaibh, ach gum faodadh eòlas Mhgr MhicIlleMhìcheil air suidheachadh nan eilean a bhith na bhuannachd.

"Leis mar a tha e air a bhith a' riochdachadh nan eilean anns an àm a chaidh seachad, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin dol a thoirt tuigse math dha air na dùbhlain a th' againn mar eileanan agus cuideachd air na rudan a dh'fheumas tachairt airson cuideachadh a thoirt dhuinn", thuirt e.

Bha dùil aig riochdairean na Comhairle coinneachadh ri Mgr Moore ann an Lunnainn an t-seachdainn-sa tighinn, agus thuirt Mgr Dòmhnallach gu robh iad an dòchas gum bi a' choinneamh sin fhathast a' dol air adhart leis an Rùnaire ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile