Clàr-ama ùr do dh'aiseag Bharraigh

  • 7 An Dàmhair 2013
Bàgh a' Chaisteil
Image caption Chuir CalMac clàr-ama de thrì seòlaidhean dìreach san t-seachdain air adhart an toiseach.

Tha muinntir Bharraigh toilichte leis an dreach chlàr-ama ùr a chuir CalMac a-mach airson seirbheisean Geamhraidh.

An àite trì seirbheisean dìreach san t-seachdain eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Òban, mar a chaidh a mholadh bho chionn ghoirid, tha còig gu bhith ann.

"Tha sinn air gluasad air n-aghaidh chun an rud a bha sa Phlana Aiseig, agus 's e sin a dh'iarr Barraigh aig an ìre as lugha o thùs," thuirt an Comh. Dòmhnall Manford.

"'S e sin a tha sgrìobhte sa phlana, agus 's e adhartas mòr mòr a th' ann.

"Bha rannsachadh ann a' sealltainn a' bhacaidh a bha cion seòlaidhean a' dèanamh air a' choimhearsnachd agus an eaconamaidh.

"Bha còrr aige a bhith ann, agus tha mi uabhasach moiteil às an sluagh a thionndaidh a-mach, còrr is ceud ann an àm gu math goirid Diciadain seo chaidh, agus a leig sin fhaicinn.

"Feumaidh sinn toileachadh mòr a dhèanamh aig àm far a bheil seo a' tighinn air n-aghaidh, tha Malaig air a chur a-steach, far a bheil airgead gann.

"Far an urrainn do Riaghaltas sin a dhèanamh, 's e adhartas mòr a bh' ann.

"Agus tha e a' faighneachd cheistean mòra, carson nach deach seo a dhèanamh nuair a bha an t-airgead am pailteas? " thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo