Fear a bhàsaich an Uibhist a Tuath ga ainmeachadh

  • 7 An Dàmhair 2013

Chaidh fireannach a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh a phronnadh fo làraidh a bh' air car a chur dhith ann an Uibhist a tuath Disathairne, ainmeachadh.

Bha Steven Bochannan, a bhuinneadh do Bheinn nam Fadhla, 40 bliadhna de dh'aois.

Tha Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd a' coimhead ris a' chùis, a thachair aig tuathanas-èisg ann an Loch Euphort, mu 1:00f Disathairne.

Bhàsaich Mgr Bochannan aig an làraich.

Ann an tachartas eile, bhàsaich fireannach, 51, aig an robh tubaist mhotar-baidhseagail air an A87 eadar Inbhir Garadh is Caol Loch Aillse.

Thuirt na Poilis gun robh e a' dol gu tuath.

Cuideachd, chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal is e air a dhroch ghoirteachadh às dèidh mar a bha tubaist aige le càr air Rathad Allt a' Mhuilinn an Inbhir Nis mu 00:40m Didòmhnaich.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na tubaistean fios a chur thuca.