Foirm do luchd-coiseachd nam beann

Clive Dennier Chaidh Clive Dennier a lorg marbh ann an Cnòideart.

Chaidh foirm ùr a dh'fhaodadh a bhith na chuideachadh le bhith a' lorg luchd-coiseachd a th' air chall fhoillseachadh.

Tha e mar chuimhneachan air an fhear-naidheachd Clive Dennier a chaidh a dhìth sa Mhàrt agus a chaidh fhaighinn marbh ann an Cnòideart.

'S e ainm an fhoirm: Climbers Location and Identification Verification Envelope (Clive).

Bidh daoine a chleachdas e a' sgrìobhadh càit a bheil dùil aca a dhol agus ga fhàgail aig càirdean no caraidean.

Chaidh fios a chur gun robh Mgr Dennier, 50, a dhìth nuair nach do nochd e airson obair aig Herald Bhàideanaich is Shrath Spè.

Chaidh coimhead air a shon ann an grunnan àiteachan far am biodh e a' coiseachd.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.