Luchd-obrach mì-laghail an grèim an Steòrnabhagh

  • 4 An Dàmhair 2013

Chaidh ochdnar luchd-obrach mì-laghail à Bangladais a chur an grèim ann an Steòrnabhagh.

Chuir oifigich in-imreachd Oifis na Dùthcha, le taic nam poileas ceathrar an grèim aig Bangla Spice agus Takeaway Istanbul air Sràid na h-Eaglaise, agus ceathrar eile aig a' Bhalti House air a' Mhol a Deas.

Thèid an toirt gu ionadan in-imreachd mus tèid an cur a-mach às an dùthaich.

Dh'fhaodadh càin cho mòr ri £40,000 a dhol air na taighean-bidhe.