Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Daily Mail

Tha Ed Miliband a' sìor-chumail cuideim air an Daily Mail agus am Mail on Sunday iad sùil gheur a thoirt air an dòighean-obrach. Ach thuirt Ceannard nan Làbarach an-diugh gun tuirt e an-dràsta na th' aige ri ràdh mun artaigil anns an Daily Mail a thuirt gun robh gabhlas aig athair nach maireann do Bhreatainn. Thuirt fear de dh'àrd-luchd-naidheachd a' Mhail, Alex Brummer, nach eil dad ceàrr air dòighean-obrach a' phàipeir.

Nat Friseal

Chaidh innse do Nat Friseal an-diugh nach do shoirbhich tagradh an aghaidh diteadh airson murt na mnàtha aige, Arleen. Chaidh a dhiteadh dà thuras mar thà, airson cuideigin fhastadh airson a bhean a mhurt. Chaidh ise a dhìth bho a dachaigh ann an Eilginn anns a' Ghiblean ann an 1998, agus cha deach corp fhaighinn riamh. Chaidh am Frisealach a dhiteadh an toiseach ann an 2003, rinn e tagradh an dèidh sin a thàinig gu cùirt-lagha eile an-uiridh nuair a chaidh fhaighinn ciontach an dàrna turas.

An Eadailt

Tha là caoidh nàiseanta anns an Eadailt an dèidh do bhàta anns an robh 500 in-imreach às Afraga a dhol fodha far chosta an ear na dùthcha an-dè. Tha e coltach gun deach mu 300 duine a bhàthadh.

Banachdach Flù

Chaidh stad airson ùine air banachdach flù do chloinn ann an sgoiltean Ghlaschu. Tha pàrantan aig sgoil ann am Pollockshields anns a bheil àireamh mhòr de Mhuslamaich, a' gearain gu bheil stuth a thàinig bho fheòil-muice anns a' bhanachdaich. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iomadh coimhearsnachd Mhuslamach agus Iùdhach, a' ceadachadh na banachdaich sin. Tòisichidh an sgeama a-rithist an ath-sheachdain, le roghainn eadar sprèigh air neo snàthad.

An A83

Chuir Riaghaltas na h-Alba dìon air na tha iad a' dèanamh airson rathad an A83 ann an Earra-Ghàidheal a dhìon bho mhaoim-slèibhe. Bha an rathad dùinte airson deich uairean de thìde an-dè aig an Rest and Be Thankful. Tha luchd-gnothaich ann an Earra-Ghàidheal ag ràdh gum feum an Riaghaltas tuilleadh airgid a chosg air an rathad, agus tha iad a' gearain mun bhuaidh air eaconamaidh na sgìre a h-uile turas a tha an rathad dùinte.

Max Clifford

Chaidh an comhairliche PR Max Clifford às àicheadh 11 chasaid co-cheangailte ri ionnsaighean mì-choltach air seachdnar bhoireannach agus air nighnean a bha nan deugairean aig an àm. Tha esan fo chasaid gun do thachair na h-ionnsaighean eadar 1963 agus 1985. Chaidh Mgr Clifford a chur an grèim anns an Dùbhlachd an-uiridh, agus a chur fo chasaid anns a' Ghiblean. Thuirt e an-diugh, air taobh a-muigh Cùirt a' Chrùin ann an Southwark, nach do rinn e dad ceàrr.