Iarrtas air tuilleadh leasachaidh aig an Rest and Be Thankful

An Rest and Be Thankful Bhathas a' smaoineachadh gun robh an t-earrann sin den rathad sàbhailte.

Tha iarrtas às ùr ann airson tuilleadh leasachaidh air a' phriomh rathad eadar Earra-Ghàidheal agus Glaschu.

Thàinig maoim-slèibhe a-nuas air an A83 Diardaoin airson an seachdamh turais ann an còig bliadhna.

Bha an rathad dùinte cuid mhòr den là Diardaoin, agus dh'fhosgail e a-rithist aig 5:30f.

Tha an rathad air a chur tarsainn bhruaich Ghlinn a' Chrò, air talamh neo-sheasmhach, agus tha obair a' sìor-dhol air adhart gus a' bhruach a dhaingneachadh, agus maoimtean-slèibhe a ghlacadh mus ruig iad an rathad.

Tha cuid san sgìre ge-tà, den bheachd gu bheil tuilleadh airgid a dhìth airson na h-obrach seo.

"Bha sinn a' smaoineachadh leis na rinn iad de dh'obair - agus rinn iad obair mhòr air an rathad - gun robh sinn nas sàbhailte," thuirt an t-Urr. Ruairidh MacLeòid, a tha a' fuireach ann an Inbhir Aora.

"Ach thàinig poll a-nuas ann an àite eadar-dhealaichte.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e bliadhnaichean air ais a bha maoim-slèibhe ann an sin, ach bha sinn a' smaoineachadh gun robh an t-àite sin sàbhailte gu leòr.

"Tha e a' dèanamh maill mhòir.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum iad coimhead a-niste ri pìosan eile den rathad far an tàinig poll a-nuas an turas seo.

"Tha mi a' creidsinn dìreach gum feum iad airgead a chosg mar a rinn iad air a' phìos eile a bha iad a' smaoineachadh a bha cunnartach," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.