Tuilleadh obrach do Ghàradh Àranais

  • 3 An Dàmhair 2013

Tha Gàradh Àranais ann an Leòdhas gu bhith a' fàs trang bho thoiseach na h-ath bhliadha 's cùmhnant aig a' chompnaidh BiFab, aig a bheil e.

Tha an cùmhnant ùr airson bunaitean do chrainn-ghaoithe aig muir a thogail dhan chompanaidh dealain Scottish & Southern Energy.

Tha gàraidhean eile ag BiFab ann am Fìobha, agus is coltach gum bi obair aig na gàraidhean air fad a mhaireas dusan bliadhna.

Tha uidheamachd ùr ga cur an sàs mus tòisich an obair ùr seo, le dùil gum bi suas ri 100 duine ag obair aig a' ghàradh ann an Leòdhas.