Cal Mac gan ceasnachadh am Barraigh

  • 3 An Dàmhair 2013
Bàgh a' Chaisteil
Nochd còrr is 80 duine aig a' choinneimh.

Chaidh riochdairean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a cheasnachadh gu cruaidh aig coinneimh ann am Barraigh oidhche Chiadain 's muinntir an àite feargach mun chlar-ama a th' aca airson mhìosan a' Gheamhraidh.

Tha na Barraich ag ràdh gu bheil e a' cur na seirbheis air ais fichead bliadhna.

Tha fearg orra nach eil Cal Mac a' sùileachadh ach trì seòlaidhean dìreach a chur eadar an t-eilean agus Tìr Mòr gach seachdain - rud nach eil a' cumail ris na chaidh a mholadh ann am Plana Nàiseanta nan Slighean Aiseig.

Tha am plana sin a' moladh còig seòlaidhean san t-seachdain tron Gheamhradh.

Croitearan is Iasgairean

Fon chlàr-ama a th' ann ge-tà, chan eil ach trì seòlaidhean dìreach dhan Òban san t-seachdain, agus seòladh thar-oidhche a mhaireas 10 uairean gu leth oidhche Dhòmhnaich, 's a ruigeas an t-Òban aig 07:30m Diluain.

"Bha còrr is 80 a thàinig còmhla aig a' choinneimh, le dh'fhaoidte là de dh'fhiosrachadh," thuirt Mgr Manford.

"Na rudan as motha, 's e mar eisimpleir an ùine ghoirid a chaidh seo fhàgail agus a chaidh am fiosrachadh a chur mu choinneimh nan daoine.

"Cuideachd mar eisimpleir, tha seirbheisean air a bhith air an tarraing, leithid Diciadain. Tha sin air a tharraing uile gu lèir agus chan eil seirbheis ann.

"Bidh sin a' bualadh gu domhain 's gu doirbh air croitearan a' dol gu margaidh, ach gu math nas motha air iasgairean, agus a' chompanaidh ghiollachd a tha a' freastal an aiseig sin.

"Dh'iarr Cal Mac aig a' choinneimh, maitheanas mar a chaidh a h-uile sgath a thoirt air n-aghaidh cho anmoch.

"Ach rud nach deach a fhreagairt, 's carson a chaidh an clàr-ama seo a chur air dòigh? Agus carson a tha na h-eathraichean as sine 's as slaodaiche gan cur air an t-slighe seo?" thuirt e.