Taic-airgid do luchd-bathair air na h-aiseagan

  • 3 An Dàmhair 2013
Bàt-aiseig
Image caption Chaill companaidhean bathair cothrom air RET as t-Earrach 2012.

Gheall Riaghaltas na h-Alba £1.9m gus dèanamh cinnteach nach tèid faraidhean aiseig do chompanaidhean a tha a' giùlain bathair do na h-Eileanan Siar, Colla agus Tioradh suas ach 2.7% bhon t-Samhradh seo tighinn.

Tha companaidhean bathair air a bhith a' fulang bho chaidh sgeama RET a thoirt bhuapa as t-Earrach 2012.

Sheall aithisg bhon Riaghaltas anns a' Ghiblean gun robh seo a' toirt buaidh air eaconamaidh nan eileanan sin, agus gun robh an àireamh de làraidhean a bha a' siubhail air na slighean sin air a dhol sìos às dèidh do chompanaidhean bathair faraidhean nas saoire fo RET a chall.

Tha Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, a-nis air fhoillseachadh gun tèid an £1.9m a chosg thar an ath dhà bhliadhna-ionmhais gus taic a thoirt dhaibh.

Tha an Riaghaltas ag amas àrdachadh sam bith air faraidhean do luchd-bathair a chumail aig an aon ìre ris a' chòrr de lìonra nan aiseagan.