Dragh mu phlana airson stèiseanan poilis

  • 2 An Dàmhair 2013

Thuirt cathraiche Albannach na buidhne carthannais Crimestoppers gu bheil e draghail mu phlana a bhiodh a' ciallachadh nach biodh cothrom aig a' mhòr-shluagh tadhal air grunnan stèiseanan poilis air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Cha b' urrainn dhaibh fios a chur mu eucoir aig na stèiseanan air an toireadh am plana buaidh.

Tha stèiseanan anns na h-àiteachan a leanas air an liosta: a' Chananaich, Dòrnach, Gleann Comhann, Ulapul, Beinn nam Fadhla, Tobar Mhoire agus Am Bogha Mòr.

Thuirt àrd-oifigearan bho Phoilis na h-Alba nach eil uiread de dh'iarrtas ann airson seirbheisean aig stèiseanan an-diugh.

Ach, bha Cathraiche Crimestoppers na h-Alba, Jim Fearghasdan, ag ràdh gu bheil dragh air gum bi tuilleadh eagail air daoine bho eucoir mur a bi cothrom aca tadhal air stèisean a tha faisg orra.