Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Co-labhairt nan Tòraidhean

Tha am Prìomhaire a' toirt co-labhairt nan Tòraidhean ann am Manchester gu ceann an-dràsta le òraid san dèan e dealbh de Bhreatainn mar thìr anns a bheil cothrom aig a h-uile duine. Tha Dàibhidh Camshron air a ràdh gu bheil e airson gluasad air adhart bho bhith a' sgioblachadh an dèidh sgrios nan Làbarach gu saoghal anns am bi soirbheachas do dhuine a tha deònach obair air a shon.

NHS Ghlaschu 's Chluaidh

Tha NHS Sgìre Ghlaschu 's Chluaidh fhathast a' strì ris an trioblaid choimpiutair a chuir maill air mòran de dh'obair ospadal na sgìre sin an-dè. Thuirt am Bòrd-Slàinte nach toir seo buaidh sam bith air cùisean èiginn no air feadhainn a tha a' faighinn chemotherapy airson aillse. Tha am Bòrd a' cur fios ge-tà, air feadhainn a bha ri dhol dhan ospadal an-diugh, ach nach urrainn a-niste leis nach bi seirbheisean a' feitheamh orra.

Bùthainnean Mòra

Dh'innis dhà de na bùthainnean as motha ann am Breatainn gun do rinn iad prothaid air a' chiad leth den bhliadhna ionmhais. Bha prothaid Sainsbury's suas 4%, agus Tesco 2%.

An Eadailt

Tha Prìomhaire na h-Eadailte, Enrico Letta, a' bruidhinn ris an t-Seanadh an-dràsta, 's e a' feuchainn ris an riaghaltas aige a shàbhaladh. Chaidh bhòt a ghairm an dèidh dhan t-seann Phrìomhaire, Silvio Berlusconi, am pàrtaidh PDL aige a tharraing a-mach às a' cho-bhanntachd riaghlaidh, an dèidh a dhiteadh airson foille.

Prìs an Dealain

Bidh cunntas dealain nas motha air mòran mhìltean sheann daoine, agus a' chompanaidh E.on, a' cur às do phrìs nas saoire a bha iad a' tabhainn air daoine a tha nas sine na 60. Thuirt E.on gur e riaghailtean ùra bho Ofgem, riaghladair a' ghnìomhachais, as coireach gum feum iad a' phrìs atharrachadh.

Stèiseanan Poilis

Tha dragh ann gum faodadh còrr is 60 stèisean poilis dùnadh dhan mhòr-shluagh, agus Poilis Alba ag amas air £650m a chùmhnadh. Air Ghàidhealtachd tha Beinn nam Fadhla, Tobar Mhoire, Gleann Comhann is Ulapul am measg na dh'fhaodadh an deasc aig aghaidh an stèisein a dhùnadh. Tha luchd-poileataics am measg na tha a' gearain gun dèanadh sin call air na sgìrean dùthchail.