Bàs fhir de na Hiortaich mu dheireadh

  • 2 An Dàmhair 2013
Tormod Iain MacIllÌosa
Image caption Bha Tormod Iain den bheachd gur e deagh rud a bh' ann don òigridh gun do dh'fhàg iad an t-eilean.

Chaochail fear de na daoine mu dheireadh a rugadh ann an Hiort.

Ghabh Tormod Iain MacIllÌosa, a bha 88 agus a bha a' fuireach faisg air Ipswich ann an Sasainn, grèim-cridhe an t-seachdain a chaidh agus tha e air bàsachadh anns an ospadal ann an Cambridge.

B' e bàs a mhàthar pàirt den adhbhar a roghnaich na Hiortaich an t-eilean fhàgail ann an 1930, nuair a bha Tormod Iain còig bliadhna de dh'aois.

"Bha mo mhàthar trom aig an àm, agus bha cuideachd grèim-mionnaich oirre. B'fheudar dhaibh an toiseachd teachdaireachd a chur gu Tìr Mòr, le taic bho bhàt-iasgaich, gun robh cuideigin tinn ann an Hiort," thuirt e ann an agallamh leis a' BhBC.

"Mar sin, thug iad air long an taigh-sholais tighinn a-steach do Loch a' Bhaile, agus 's e mo chuimhne bheag bhrònach a bhith a' faicinn mo mhàthar ga h-iomramh anns a' bhàta, 's i a' smèideadh rium. Agus mise a' smèideadh air ais.

"B'e sin an turas mu dheireadh a chunnaic mi mo mhàthair.

Thuirt e gun robh cuimhne aige air seann daoine a' smèideadh ris an eilean bhon bhàta, gus an deach e a-mach à sealladh.

Bha Tormod Iain riamh den bheachd gur e deagh rud a bh' ann don òigridh a bhith a' fàgail Hiort, 's gur e beatha dhoirbh a bh' aig na Hiortaich.

Chuir e fàilte air mar a tha mòran dhaoine a' tadhail air an eilean a-nis, agus ùidh mhòr aca san àite.

Thill e dhan eilean gu tric, agus ann an 1976, ghabh e pàirt ann am buidheann-obrach gus cuid de na seann togalaichean a chàradh.

"'S e eilean beag àlainn a th' ann, a bu chòir dhan a h-uile duine fhaicinn. Tha mi cinnteach gun còrd e riutha," thuirt e.