Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte

Tha pàirtean de Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte a' dùnadh an dèidh dha faileachadh air na Poblachdaich agus na Deamocrataich buidseat aontachadh. Tha sin a' ciallachadh, gus am bi aonta ann, nach eil airgead ann a phàigheas còrr is 800,000 den luchd-obrach ann am feadhainn de na seirbheisean poblach.

Àireamhan Marbhaidh

Thuit an àireamh chùisean de mharbhadh ann an Alba dhan ìre as ìsle bho thòischear a' clàradh sin. Bha 62 marbhadh ann air a' bhliadhna dhan Mhàrt am bliadhna, 32% nas lugha na bh' ann air a' bhliadhna ron a sin. Tha poilis, anns a h-uile cùis ach aonan, air cuideigin a chur fo amharas airson a h-uile muirt agus marbhadh le coire. Tha na h-àireamhan seo a' gabhail beachd cuideachd air cùisean nach tàinig gu co-dhùnadh anns na cùirtean fhathast.

Murt Inbhir Narann

Chuir Crimestopppers duais de £5,000 air fiosrachadh a thig gu diteadh airson muirt Alasdair MhicUilleim air stairsnich a dhachaigh ann an Inbhir Narann ann an 2004. Dh'fhoillsich poilis dealbhan ùra an-dè den ghunna 's na peilearan leis an deach losgadh air Mgr MacUilleim, a bha 32, agus a b'athair do dhithis chloinne. A dh'aindeoin rannsachaidh mhuirt cho farsainn 's a bha riamh air Ghàidhealtachd, cha d'fhuair poilis dearbhadh air cò rinn am murt, no adhbhar air a shon.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha a' bhuidheann-riaghlaidh ùr air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' coinneachadh airson a' chiad uair an-diugh. Thàinig fad mhìosan de dh'àimhreit gu ìre an t-seachdain seo chaidh, nuair a thug co-bhanntachd de bhuill neo-eisimeileach, Tòraidheach agus Lib-Deamach, smachd air an ùghdarras bhon SNP.

Dòmhnall MacCoinnich

Tha dòchas ann gun toir prògram ùr air BBC ALBA fiosrachadh as ùr am follais mu fhear à Steòrnabhagh a chaidh air chall anns na Tuirc ann an 2010 nuair a bha e a' coimhead airson Àirce Noah air Beinn Ararat. Cha chuala teaghlach Dhòmhnaill MhicCoinnich guth bhuaithe on uair sin. Anns an documentary a bhios air BBC ALBA oidhche Ardaoin aig 9:00f, tha bràthair Dhòmhnaill, Derek, a' tadhail air an Tuirc.

Rangers

Bha call de £14m air cluba buill-choise Rangers anns na 13 mìosan dhan Ògmhios am bliadhna. Tha sin a' toirt a-steach na h-ùine anns an deach stòras a' chluba a thoirt a-mach à rianachd. Tha Rangers ag ràdh gu bheil na figearan a rèir a' phlana còig bliadhna aca.