Co-chomhairleachadh òigridh

  • 1 An Dàmhair 2013
Òigridh
Image caption Tha a' Chomhairle ag ràdh nach tàinig mòran dhaoine òga air adhart roimhe.

Tha Comhairle nan Eilean Siar airson cluinntinn bho òigridh nan Eilean mu na seirbheisean a tha cudromach dhaibh.

Thòisich sgrùdadh air-loidhne a mhaireas cola-deug, agus tha dùil aca an uair sin a dhol a-mach dha na sgìrean le sreath de cho-labhairtean òigridh.

"Tha sinn an dòchas gun tig òigridh às na sgìrean againn, gun cuir iad a-steach air-loidhne dè na h-amasan a th' aca nuair a choimheadas iad ri seirbheisean a tha a' Chomhairle a' toirt seachad," thuirt Cathraiche Foghlaim agus Sheirbhisean Cloinne na Comhairle, Catriona Stiùbhart.

"Tha e a' toirt dhaibh cothrom innse dhuinn mu dheidhinn rudan a tha a' cur dragh orra fhèin, agus cuideachd, ma gheibh sinn tòrr bheachdan a-staigh, gun tèid sinn air adhart agus gum bi coinneamhan againn ann an Leòdhas is na Hearadh agus ann an Uibhist is Barraigh.

Òigridh Bharraigh

"Bidh sinn ag innse dha òigridh mar a tha comhairlean coimhearsnachd ag obair agus mar a tha a' Chomhairle fhèin ag obair, agus mar a bhiodh tu ag obair aig comataidh is fo-chomataidh is rudan den t-seòrsa sin.

"Bidh sin a rèir dè an ùidh a tha an òigridh a' sealltainn anns a' chonaltradh a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh leotha.

"'S e an duilgheadas a th' air a bhith againn anns na bliadhnaichean a th' air a dhol seachad gu bheil sinn air diofar sheòrsaichean conaltraidh a chur air adhart airson gun tig òigridh air adhart agus beachdan a thoirt dhuinn.

"Cha do dh'obraich sin dhuinn, agus 's e seo aon oidhirp eile air feuchainn ris an òigridh a thoirt a-steach.

"Tha e cudromach gum bi sinn ag èisteachd ris an òigridh, còmhla ri aoisean eile anns na sgìrean againn.

"Tha mi an dòchas gun tig iad air adhart," thuirt i.

Tha òigridh ann am Barraigh air na h-iarrtasan aca a dhèanamh follaiseach don Chomhairle, agus shoirbhich leotha ann a bhith a' faighinn WiFi air na bàtaichean-aiseig, agus pàirce spòrs ùr.

Tha a' Bh.Ph. Stiùbhart airson an leithid sin a bhrosnachadh ann an sgìrean eile.

"Bhiodh sinn airson cuideachadh ann an dòigh sam bith, agus rinn òigridh Bharraigh math dha-rìribh," thuirt i.

"Rinn iad math, gu h-àraid nuair a bha iad a-bhos an Steòrnabhagh agus leig iad seachad na beachdan aca ris na Buill-Phàrlamaid a bh' ann an seo, agus an aon rud ann an Dùn Èideann.

"Rud sam bith anns a bheil ùidh mar sin, as urrainn dhuinn a chuideachadh, tha sinn ag iarraidh sin a dhèanamh," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile