Duais-airgid airson fiosrachaidh mhuirt Inbhir Narann

  • 1 An Dàmhair 2013
Alistair Wilson. Image copyright Police Scotland
Image caption Tha cha-mhòr naoi bliadhna bho chaidh Mgr Wilson a mhurt.

Chuir buidheann charthannais duais-airgid de £5,000 air adhart airson fiosrachaidh sam bith às an tig dìteadh airson am bancair Alistair Wilson a mhurt ann an Inbhir Narann o chionn naoi bliadhna.

Rinn a' bhuidheann Crimestoppers an tabhartas là às dèidh do na Poilis ìomhaigh ùr fhoillseachadh den ghunna a chaidh a chleachdadh airson Mgr Wilson a mhurt air a stairsnich fhèin air 28mh an Samhain 2004.

Cha deach duine a dhiteadh fhathast airson a' mhuirt.

Thuirt Cathraiche Crimestoppers na h-Alba, Jim Fearghasdan, gu bheil e an dòchas gun tig daoine air adhart le fiosrachadh ùr.

"Dh'iarramaid air duine a tha den bheachd gu bheil fiosrachadh co-cheangailte ri seo aca, ge b'e cho beag, gun tig iad air adhart gus cuideachadh le teaghlach Alistair na freagairtean a tha a dhìth orra fhaighinn mu dheireadh thall," thuirt e.

"Cha sgaoil Crimestoppers ainm duine sam bith a bheir dhuinn fiosrachadh, cha do rinn sinn sin riamh. Na biodh eagal air duine gun deadh an ainm fhoillseachadh," thuirt e.

Faodar fiosrachadh a thoirt seachad le bhith a' cur fòn chun na buidhne air 0800 555 111, no le bhith a' lìonadh foirme aig www.crimestoppers-uk.org

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile