Saints an Iochdair air uachdar

  • 30 An t-Sultain 2013
Billy McNeil
Image caption Bha Billy McNeil fhèin an làthair aig a' gheama.

Rinn Saints an Iochdar a' chùis air sgioba Bharraigh ann an Cuairt Dheireannach Cupa Billy McNeil Disathairne.

Bha Mgr MacNèill fhein an làthair ann am Beinn nam Fadhla airson an geama fhaicinn agus an cupa a thoirt seachad.

B' e Saints agus Barraigh an dà sgioba as fheàrr ann an Uibhist is Barraigh am bliadhna.

Bhuanaich na Barraich Cupa RJ MhicLeòid, agus 's e Iochdar a bhuanaich an lìog.

Thàinig sluagh a dh'fhaicinn a' gheama, agus cha robh aca ri feitheamh airson a' chiad tadhail.

Fhuair Barraigh saor-bhreab, agus 's e Craig Fearghasdan a chuir oidhirp shònraichte dhan lìon.

Thug seo spionnadh dhan sgioba ann an dubh is dearg, agus b'iadsan a bu làidire tron chiad leth.

Cha d' fhuair iad gin a bharrachd tadhail ge-tà, agus an dèidh ceithir mionaidean den dàrna leth, bha an sgòr co-ionnan a-rithist.

Chuir Ally Downie am ball dhan tadhal le cheann.

Mar a bha Barraigh nas làidire sa chiad leth, 's e Saints an Iochdar a thug làmh an uachdar san dàrna leth.

Bha deagh ghreis ann mus d' fhuair Carl Mac a' Phì an dàrna tadhal dha na Saints, is beagan nas lugha na deich mionaidean ro deireadh a' gheama.

Rinn Mac a' Phì cinnteach gur ann do dh'Uibhist a Deas a bhiodh an cupa a' dol am bliadhna.

Chuir esan an dàrna tadhal aige, an treas fear dha na Saints is dìreach mu chòig mionaidean air fhàgail.

Thuirt Mgr MacNèill, a bha na chaiptean aig Celtic nuair a bhuanaich iad Cupa na h-Eòrpa ann an 1967, gun robh an geama aig ìre gu math làidir.

Bha e toilichte faicinn stoidhle fosgailte an dà sgioba agus mar a bha an geama a' toirt toileachais dha òigridh nan Eileanan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo