Comhairlichean air an SNP fhàgail

  • 30 An t-Sultain 2013
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Tha co-bhanntachd de neo-eisimeilich, Tòraidhean is Lib-Deamaich a-niste a' riaghladh na Comhairle.

Tha dithis chomhairlichean SNP ann an Earra-Ghàidheal air am ballrachd sa phàrtaidh a leigeil seachad.

Thuirt an Comh. Ruairidh MacCumhais, a bha na cheannard air a' Chomhairle, gun robh dìth taic bhon phàrtaidh, aig ìre nàiseanta, na "bhristeadh dùil" dha.

Tha esan a-nis air am pàrtaidh fhàgail, còmhla ris a' Chomh. Mary Jean Devon.

Às dèidh mhì-chinnt a mhair mìosan chaidh co-bhanntachd ùr a chur os cionn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an t-seachdain seo chaidh.

'S i buidheann de chomhairlichean neo-eisimeileach, còmhla ris na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich a tha a-nise a' riaghladh, le Dick Walsh mar Cheannard.

Bha an SNP roimhe a' riaghladh le beag-cuid, às dèidh mar a chuir comataidh riaghlaidh nàiseanta a' phàrtaidh ann an Dùn Èideann às do phlana aig comhairlichean nàiseantach ann an Earra-Ghàidheal gus co-bhanntachd thar-pàrtaidh a stèidheachadh.

Thuirt an SNP gu bheil a' chomataidh riaghlaidh nàisenata aca daonan a' toirt taic do bhuidhnean riaghlaidh SNP air comhairlean na dùthcha, is gun robh iad tric a' bruidhinn ris a' bhuidhinn SNP ann an Earra-Ghàidheal.