Reamhrachd chloinne air Ghàidhealtachd

  • 27 An t-Sultain 2013
Leanabh reamhar
Tha cha mhòr cairteal de chloinn ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd ro reamhar

Fhuair sgrùdadh ùr gu bheil cha mhòr cairteal de chloinn ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd ro reamhar.

Anns an aithisg bhliadhnail a thig air beulaibh a' Bhùird Dimàirt, cuiridh Stiùriche na Slàinte Poblaiche, an Dtr Mairead Somerville, am prosbaig air slàinte òigridh.

Canaidh an aithisg aice cuideachd gum bi cha mhòr cairteal de dh'òigridh eadar sia bliadhna deug agus ceithir bliadhna fichead a dh'aois a' smòcadh, agus gu bheil 15% de dheugairean anns an sgìre ann am barrachd chunnart gun tig a' ghriùthlach orra air sgàth 's nach d' fhuair iad banachdach an MMR.

Reamhrachd

Tha barrachd chloinne gam meas ro reamhar air prìomh a h-aon sa bhun-sgoil air a' Ghàidhealtachd na tha ann an Alba gu lèir.

Thuirt an Dtr Somerville gu bheil e duilich mìneachadh carson a tha seo, ach tha i ag ràdh gu bheil còrr is seachd fichead sgoil a-nis a' gabhail pàirt ann an iomairt shlàinte air a bheil "High 5" a tha a' toirt stiùiridh do chloinn mu bhiadh, eacarsaich, slàinte 's eile.

Tha i ag ràdh gun deach adhartas a dhèanamh a thaobh a bhith a' lùghachadh an àireamh chloinne a bhios a' smòcadh, ach tha i ag aideachadh gu bheil obair mhòr fhathast ri dhèanamh an sin.