Dòchas às ùr mu ionad-stiùiridh smàlaidh Inbhir Nis

  • 27 An t-Sultain 2013
Carbad-smàlaidh
Image caption Tha ochd seòmraichean-stiùiridh smàlaidh ann an Alba an-dràsta

Tha dòchas às ùr ann gun gabh seòmar-stiùiridh na seirbheis smàlaidh ann an Inbhir Nis a bhith air a ghlèidheadh.

Dh'aontaich Seirbheis Smàlaidh na h-Alba co-chomhairleachadh a dhèanamh mu bhith a' dùnadh còig dhen na seòmraichean-stiùiridh aca.

Tha ochd seòmraichean-stiùiridh ann an Alba an-dràsta - ach thathas a' coimhead ri sin a ghearradh gu trì.

Bha beachd ann an t-àireamh a lùghdachadh gu dhà - a' fàgail nach biodh ionad-stiùiridh ann an ceann a tuath na h-Alba idir - ach cha deach gabhail ri sin aig coinneamh dhen bhòrd Diardaoin.

Thèid an t-ionad ann an Glaschu a-nis a ghlèidheadh còmhla ri dhà eile.

Thuirt fear de bhuill a' Bhùird, Mìcheal Foxley, a bha roimhe na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd, gu robh e dòchasach gun deadh ionad Inbhir Nis, air neo fear Obar Dheathainn, a ghlèidheadh.

Goireasan

Thàinig an t-seirbheis-smàlaidh nàiseanta gu bith anns a' Ghiblean am bliadhna, a' gabhail àite nan ochd seirbheisean sgìreil a bh' ann roimhe.

Chum am feachd nàiseanta na h-aon ghoireasan 's a bh' aig na seirbheisean sgìreil.

Nochd dragh mun bhuaidh a bheireadh e air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan nan dùnadh seòmar-stiùiridh na seirbheis-smàlaidh ann an Inbhir Nis.

Tha luchd-poileataigs ionadail draghail gun deadh eòlas ionadail a chall - agus gur ann a dh'fhaodadh sin beatha dhaoine a chuir ann an cunnart.

Tha na planaichean mar phàirt dhen iomairt gus sàbhalaidhean luach £12m a dhèanamh an ath-bhliadhna.

Thuirt Cathraiche Bhòrd Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba, Pat Watters, ge-tà, nach tigeadh atharrachadh sam bith air an t-seirbheis a thathas a' toirt seachad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile