Ceannard Àrd-sgoil a' Phluic a' fàgail a dhreuchd

Donnchadh Fearghasdan Tha Mgr Fearghasdan air 21 bliadhna a chur seachad anns a' Phloc.

Fàgaidh Ceannard Àrd-sgoil a' Phluic, Donnchadh Fearghasdan, a dhreuchd aig deireadh na bliadhna seo.

Tha Mgr Fearghasan, a bhuineas do dh'Ìle bho thùs, air 21 bliadhna a chur seachad anns a' Phloc.

Chan eil fada bho chaidh leasachadh mòr a dhèanamh air togalach na sgoile, agus tha Mgr Fearghasdan a' dèanamh dheth gur e àm iomchaidh a th' ann dha falbh.

"Tha mi a' faireachdainn gun robh deagh bhliadhnaichean agam an seo - tha curaicealam ùr a-staigh againn, tha togalach ùr againn agus tha mi a' faireachdainn gur e seo an t-àm as fheàrr dhomh a bhith a' fàgail - ged a bhios mi ag ionndrainn na cloinne 's ag ionndrainn beatha na sgoile - tha rudan eile anns an amharc agam," thuirt e.

"Atharrachadh mòr"

Start Quote

Tha mi air faicinn tòrr adhartais air taobh na Gàidhlig - 's e sinne a' chiad sgoil far an robh a h-uile oileanach a' dèanamh Gàidhlig agus Fraingis agus tha mi moiteil às an sin”

End Quote Donnchadh Feargasdan

Thuirt Mgr Feargasdan gun robh e air atharrachaidhean mòra fhaicinn thar nam bliadhnaichean a chuir e seachad os cionn na sgoile.

"Tha mi air faicinn tòrr adhartais air taobh na Gàidhlig - 's e sinne a' chiad sgoil far an robh a h-uile oileanach a' dèanamh Gàidhlig agus Fraingis agus tha mi moiteil às an sin."

Tha dòchas ann gun tèid ceannard ùr a chur os cionn na sgoile ron Nollaig ach, mur a tèid, dh'fhaodadh gum bi Mgr Fearghasdan a' fuireach na dhreuchd rud beag nas fhaide.

Tha e ag ràdh gur e foghlam, eachdraidh, spòrs 's eile a tha fa-near dha às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.