Crìonadh na Gàidhlig "a' tighinn gu stad"

  • 26 An t-Sultain 2013
A' Ghàidhlig
Cha tàinig crìonadh mòr sam bith air na figearan bho 2001.

Sheall figearan a' Chunntais-Shluaigh bho 2011 nach robh crìonadh mòr sam bith air tighinn air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba.

Tha timcheall air 57,600 duine nas sine na 3 bliadhna de dh'aois ann an Alba a tha an urrainn a' Ghàidhlig a bhruidhinn.

Tha sin a' dèanamh suas 1.1% de shluagh na dùthcha - sìos bho 1.2% ann an 2001, nuair a dh'innis 58,652 duine gun robh comas labhairt sa Ghàidhlig aca - 7,300 nas lugha na bh' ann deich bliadhna ron a sin.

Tha sin a' fàgail gu bheil a-niste 1,050 nas lugha de luchd-labhairt ann na bh' ann an 2001.

Thàinig crìonadh air ceudad gach buidhne aoise a bha comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn, ach a-mhàin ann an daoine a nas òige na 20. Dh'èirich sin 0.1%.

'S ann sna h-Eileanan Siar as motha a tha sluagh le Gàidhlig, le 52% de dh'eileanaich ag ràdh gun robh i aca.

Air Ghàidhealtachd bha am figear sin aig 5% den t-sluagh, agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, 's e 4% a bh' ann.

Ann an 2001, bha 92,000 duine ag ràdh gun robh comas labhairt, sgrìobhaidh, tuigsinn no leughaidh aca sa chànan.

Tha am figear sin air tuiteam gu 87,000.

Taobh a-staigh na buidhne sin, bha 32,000 duine comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn, a sgrìobhadh agus a leughadh. Tha sin a' dèanamh suas 0.6% de shluagh na h-Alba - gun atharrachadh bho 2001.