Co-bhanntachd ùr Earra-Ghàidheal

  • 26 An t-Sultain 2013
Suaicheantas Chomhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid
Image caption Chaill na Nàiseantaich smachd air a' Chomhairle

'S e an comhairliche neo-eisimileach Dick Walsh Ceannard ùr Chomhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid.

Tha buidheann SNP, le beag-chuid, air a bhith a' riaghladh na Comhairle bhon Ghearran am bliadhna.

Chaidh grunn oidhirpean a dhèanamh bhon uair sin gus co-bhanntachd riaghlaidh ùr aontachadh airson stiùir nas seasmhaiche a thoirt dhan Chomhairle.

Bidh a-nis a' bhuidheann de chomhairlichean neo-eisimileach, air a bheil Argyll for Change, a' riaghladh còmhla ri na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich

Bha coltas ann an t-seachdain seo gun robh an SNP an impis aonta a ruighinn leis a' bhuidhinn de chomhairlichean neo-eisimeileach, ach thàinig na còmraidhean sin gu ceann gun rèite.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile