Molaidhean mu chroisean-rèile

  • 25 An t-Sultain 2013
Crois-rèile
Rinneadh an sgrùdadh às dèidh grunn thubaistean mairbhteach air Ghàidhealtachd.

Thathas a' moladh atharrachadh a thoirt air an lagh gus croisean-rèile an Alba a dhèanamh nas sàbhailte, às dèidh dha tighinn am follais nach robh riaghailtean ann 'son daoine a chumail far na loidhnichean.

Nochd an suidheachadh às dèidh rannsachaidh mu ghrunn thubaistean air croisean-rèile na Gàidhealtachd.

Nuair a chaidh còirichean luchd-coiseachd ann an Alba a dhìon san lagh bho chionn deich bliadhna, cha deach sian a chur dhan lagh ùr gus stad a chur air daoine a bhith air loidhnichean-rèile.

Tha seo a' ciallachadh nach eil riaghailtean sam bith ann mu bhith a' cleachdadh chroisean-reile prìobhaideach.

Thàinig seo am follais nuair a bha Comisean Lagha na h-Alba a' sgrùdadh suidheachadh nan croisean-rèile às dèidh thubaistean mairbhteach air loidhnichean na Gàidhealtachd.

Tha iadsan, agus Coimisean Lagha Shasainn a' moladh cur às dha na seann riaghailtean.

Chaidh airgead a bharrachd a thabhainn airson croisean-rèile a tha cunnartach a leasachadh, ach am measg nam molaidhean eile, tha riaghailtean a bhios ga dhèanamh nas fhasa croisean cunnartach a dhùnadh.