"Cosgais £7m" airson RET a thoirt do luchd-bathair

  • 24 An t-Sultain 2013
Aiseag an Isle of Lewis
Image caption Tha luchd-bathair agus Comhairle nan Eilean Siar an lùib na strì airson faraidhean bathair RET fhaighinn air ais.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, gun cosgadh e £7m faraidhean bathair RET a thoirt air ais do luchd-bathair nan Eilean.

Bha Mgr Brown a' freagairt litir bhon BhPA Ghàidhealach Rhoda Ghrannd.

Tha strì làidir a' leantainn airson RET fhaighinn air ais do luchd-bathair, le luchd-iomairt a' cumail a-mach gun do dh'fhulaing eaconamaidh nan Eilean bho chaidh a thoirt air falbh bhuapa.

"Tuigse"

Thuirt Mgr Brown gun robh e a' tuigsinn nan draghan mu bhuaidh an atharrachaidh air an eaconamaidh ionadail, ach gun robh co-dhùnaidhean duilich aca ri dhèanamh.

Chuir e an coire air gearraidhean Riaghaltas Westminster a bha a' ciallachadh, thuirt e, gum feumadh iad sàbhalaidhean a dhèanamh airson seirbheisean aiseig eile a chumail aig ìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo