Dragh mu ionadan-stiùiridh smàlaidh

Carbad-smàlaidh Thèid beachdachadh Diardaoin air seòmraichean-stiùiridh na seirbheis smàlaidh ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathainn a dhùnadh

Nochd dragh mun bhuaidh a bheireadh e air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan nan dùineadh seòmar-stiùiridh na seirbheis-smàlaidh ann an Inbhir Nis.

Coinnichidh Bòrd Seirbheis-Smàlaidh na h-Alba Diardaoin 's iad gu bhith a' beachdachadh air na seòmraichean-stiùiridh ann an Inbhir Nis agus ann an Obar Dheathain a dhùnadh.

Dheadh ionad ùr a thogail ann an Dùn Dè airson an sgìre a fhrithealadh.

Tha dragh air cuid ge-tà, gur ann a dheadh eòlas ionadail a chall nan dùineadh an dà sheòmar-stiùiridh.

Goireasan

Thàinig an t-seirbheis-smàlaidh nàiseanta gu bith anns a' Ghiblean am bliadhna, a' gabhail àite nan ochd seirbheisean sgìreil a bh' ann roimhe.

Chum am feachd nàiseanta na h-aon ghoireasan 's a bh' aig na seirbheisean sgìreil.

Thuirt Mìcheal Foxley, a bha roimhe na Cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd agus a tha na bhall de bhòrd na seirbheis-smàlaidh nàiseanta, gu bheil feum air atharrachaidhean ann an structar na seirbheis, ach gu bheil dragh air mu na planaichean seo.

Bidh esan ag argamaid, thuirt e, gun deadh eòlas ionadail a chall ma thèid na seòmraichean-stiùiridh a dhùnadh.

Start Quote

Tha sinn a' faicinn gun robh seirbheis mhath ann - nuair a dh'fheumadh daoine gairm èiginn a dhèanamh bhathas ga fhreagairt anns a' bhad agus bha iad a' toirt seachad fiosrachaidh dhaibh anns a' bhad. Chan eil mise a' smaoineachadh gun tachair seo anns na bliadhnaichean a th' air thoiseach ma tha sinn a' dol a ghluasad a h-uile càil sìos a mheadhan na h-Alba”

End Quote An Comh. Tormod MacLeòid

B' e sin tè de na prìomh argamaidean a chaidh a chur air adhart nuair a bhathas a' strì airson stèiseanan mhaor-cladaich a ghlèidheadh, agus thuirt e gu bheil e a cheart cho fìor mu na seòmraichean-stiùiridh seo.

Thuirt an Comh. Tormod MacLeòid, a bha na bhall de Bhòrd-smàlaidh a' Chinn a Tuath, gu bheil dragh air-san gur e ceum a tha seo a dh'ionnsaigh an t-seirbheis a gluasad a-mach às a' cheann a tuath.

"Tha sinn a' faicinn gun robh seirbheis mhath ann - nuair a dh'fheumadh daoine gairm èiginn a dhèanamh bhathas ga fhreagairt anns a' bhad agus bha iad a' toirt seachad fiosrachaidh dhaibh anns a' bhad. Chan eil mise a' smaoineachadh gun tachair seo anns na bliadhnaichean a th' air thoiseach ma tha sinn a' dol a ghluasad a h-uile càil sìos a mheadhan na h-Alba," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt na seirbheis-smàlaidh nach eil an seo ach aon mholadh air an tèid beachdachadh, agus ma dhùineas na h-ionadan, nach tèid luchd-obrach sam bith a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.