Taic-airgid do phontùin Loch nam Madadh

Iacht Faodaidh iachtaichean ceangail ris na pontùin.

Chuir Oighreachd a' Chrùin taic-airgid ri sgeama gus pontùin a thogail ann an Uibhist.

Fhuair Comann na Mara iasad de cha-mhòr £400,000 airson a' phròiseict, a bhios ann an Loch nam Madadh.

Tha am pròiseact ag amas air bàtaichean mòra agus luchd-turais a thàladh a dh'Uibhist a Tuath.

"Bidh àite ann airson ceangail-suas 26 de bhàtaichean-siùil," thuirt Tormod MacIain, a tha an sàs ann an Comann na Mara.

"Tha sinn ag amas air duine sam bith a tha a' tighinn timcheall taobh siar na h-Alba 's aig a bheil bàta-siùil a thàladh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e fìor ri ràdh gu bheil taobh siar na h-Alba uabhasach fhèin freagarach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad ag ràdh gur e an t-àite as fheàrr airson seòladh anns an Roinn Eòrpa, leis na th' ann de dh'eileanan.

"Agus ma choimheadas tu air na h-Eileanan an Iar, tha Uibhist a Tuath na theis-mheadhain, agus mu choinneimh an Eilein Sgitheanaich, 's i uabhasach freagarrach airson seòladh taobh seach taobh.

"Can gu bheil beagan dhaoine a' tighinn far bàta sam bith. Uell, faisg air a' chidhe, tha Banca na h-Alba, agus tha dà thaigh-òsta ann an Loch nam Madadh.

"A bharrachd air sin, tha cafaidh faisg air a' chidhe, 's gheibh iad biadh an sin.

"Tha àiteachan eile ann leithid Taigh Chearsabhagh, far a bheil sgoil ealain an-diugh, agus tha gailearaidh ann airson ealain a shealltainn, agus an taigh-tasgaidh.

"Tha sin uile beagan mhionaidean coiseachd on chidhe," thuirt e.

Tha dùil gum bi na pontùin ann an àite toiseach a' Chèitein, agus togaidh Comann na Mara cìsean far a h-uile bàta a chleachdas iad.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.