An Gearasdan an impis a dhol sìos

  • 22 An t-Sultain 2013
Bail' Ùr an t-Slèibh Image copyright Neil G Paterson
Image caption Fhuair Bail' Ùr an t-Slèibh duais na Prìomh Lìge ron gheama Disathairne.

Tha a h-uile coltas ann gun tèid An Gearasdan sìos bhon Phrìomh Lìog Disathairne seo tighinn às dèidh dhaibh call 2-0 aig an taigh an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Fhuair Am Bail' Ùr duais na lìge ro-làimh agus chomharraich iad an là le dà phuing eile.

Chuir Friseal Mac an Tòisich tadhal sa chiad leth is Danny MacRath le fear eile às deidh leathach-ùine is Am Bail' Ùr fhathast gun geama a chall.

Tha aon gheama air fhàgail aig A' Gearasdan - an aghaidh Lòbhait Disthairne - ach tha iad a-nise 2 phuing agus 23 tadhail air cùlaibh Chaol Bhòid.

Cnag na cùise

Tha ceithir geamaichean aig Caol Bhòid fhèin agus 's e cnag na cùise nach eil dòchas a-nise aig A' Ghearasdan air fuireach an àird.

Chrìochnaich Caol Bhòid 1-1 aig an taigh an aghaidh Ghlinn Urchadain Disathairne.

Chuir Friseal Heath an Gleann air thoiseach ach ghlèidh Caol Bhòid puing le tadhal bho Thòmas Whyte.

Chuir Ceann Loch Seile is Inbhir Aora crìoch air an t-seusan aca le deagh gheama sa Chlachan Aillseach.

Chaidh Ceann Loch Seile air thoiseach 2-0 tro Chonnel is Jordan Friseal ach thill Inbhir Aora co-ionnan agus Neil Caimbeul is Peadar Mac an t-Saoir air an targaid.

Sa bhad

Chuir Donnchadh 'Ach' MacRath Ceann Loch Seile air ais air thoiseach le cairteal na h-uaireach air fhàgail, ach cha mhòr sa bhad thàinig tadhal eile bho Mhac an t-Saoir.

Bha am ball san lìon a-rithist aig Ceann Loch Seile le dìogan air fhàgail ach cha do sheas an tadhal is chrìochnaich an geama 3-3.

Bha an dà sgioba an ìre mhath riaraichte le puing is bha Inbhir Aora cuideachd toilichte Grant Griffin a thoirt far na beingidh 'son nam mionaidean mu dheireadh.

Cha robh Griffin air cluich bho dheireadh seusain 2011 is e air falbh ann an Astràilia.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile