Duais Leabhar-lainn Dhòmhnaill Eòghainn

  • 20 An t-Sultain 2013
Dòmhnall Eòghann Moireasdan
Image caption Tha Dòmhnall Eòghann air a bhith a' dràibheadh bhana an leabharlainn fad deich bliadhna.

Tha duais tosgaire seirbheis leabhar-lainn na bliadhna seo a' dol gu fear ann an Uibhist.

Tha Dòmhnall Eòghann Moireasdan air a bhith air cùl cuibhle bhana leabhar-lainn Uibhist fad deich bliadhna.

Chaidh a chur air adhart 'son na duais, a tha fosgailte dha leabhar-lainn air feadh na Rìoghachd Aonaichte, 'son na dòigh a tha e a' dèiligeadh ri daoine, agus a chuid shaothair na obair.

'S i duais chliùiteach a th' innte, 's i air a cur air adhart le Institiùd Clàraichte Luchd-proifeiseanta Leabhlarlainn, CILIP.

Seo a' chiad turas a fhuair neach ann an Alba an duais.

Duine Dòigheil

Thuirt an tè a chuir ainm air adhart, Leabharlannaiche Coimhearsnachd Uibhist, Pamela Taylor-Bramwell, gur e "an tosgaire as fheàrr a dh'iarradh seirbheis leabharlainn."

"'S e labhraiche fìor mhath a th' ann an Dòmhnall Eòghann agus bidh e a' brosnachadh na Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig le a sgilean cànain agus eòlas air eachdraidh na sgìre.

"Nuair a bha clann-sgoile ann an Èirisgeigh a' dèanamh pròiseict mu a bhith a' fàs bìdh, chan e a-mhàin gun tàinig e le bucas làn leabhraichean, thug e òraid seachad mu a bhith a fàs lusan cuideachd, agus chuidich e iad ann a bhith a' taghadh agus a' cur bhuntata," thuirt i.

Tha an fheadhainn a bhios a' cleachdadh a' bhana a' cur luach ann an obair Dhòmhnaill Eòghainn.

Tha Edna Walton a' fuireach ann an Uibhist a Deas agus am measg iomadh duine a tha a' dol chun a' bhana.

"The e dòigheil, modhail, còir agus cuideachail.

"Dhan fheadhainn nach fhaigh chun a' bhana thig e chun an dorais le na leabhraichean, agus bidh e an còmhnaidh a' giulain leabhraichean do dhaoine aig a bheil duilgheadas ann a bhith a' coiseachd," thuirt i.

Cha robh dùil ris

Thuirt Dòmhnall Eòghann nach robh càil a dhùil aige ris an duais.

"Cha robh foir agam gun robh mi a' faighinn leithid a rud.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dòmhnall Eòghann Moireasdan, à Uibhist, a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

"Thàinig e a-mach às an iarmailt.

"Bha mi lag aig na glùinean," thuirt e.

A' freagairt carson a bha e fhèin den bheachd a chaidh a thaghadh 'son na duaise, thuirt e gun robh e a' dèanamh nas urrainn dha dhan choimhearsnachd agus dhan fheadhainn a tha a' tighinn dhan leabharlann.

"Mas urrainn dhomh a chur ceart nì mi e, eadar a bhith a' toirt a-staigh mòine...an rud as duilghe dhòmh-sa a dhèanamh 's e a bhith a' fosgladh cnogan jam no marmalade do bhoireannaich agus fireannaich.

"Na leabhraichean, uill, tha iad sin a' tighinn às dèidh sin. Uill, tha na leabhraichean cudromach cuideachd," thuirt e.

Tha Dòmhnall Eòghann ag ràdh gu bheil e a' còrdadh ris a bhith a' dol timcheall na sgìre.

Bidh e a' dol bho Bheàrnaraigh sìos gu Èirisgeigh agus bidh e a' faighinn tuigse air an t-seòrsa leabhraichean a bhios an luchd-cleachdaidh a' leughadh agus tha e air eòlas fhaighinn air na feumalachdan sònraichte a th' aig cuid de dhaoine, leithid feadhainn le trioblaidean fradhairc.

Tha e follaiseach gu bheil spèis aig mòran san obair a tha Dòmhnall Eòghann a' dèanamh, agus bidh gu leòr an dòchas gum fuirich e san obair greis fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile