Teine aig muileann-sàbhaidh an Inbhir Narann

  • 20 An t-Sultain 2013
Gordon's Timber Image copyright Google
Image caption Tha a' chompanaidh air tè den fheadhainn as motha a tha a' toirt cosnaidh sa bhaile.

Thòisich rannsachadh mu theine aig muileann-sàbhaidh ann an Inbhir Narann.

Chaidh na dusanan luchd-smàlaidh a ghairm feasgar Diardaoin nuair a chaidh lasairean fhaicinn a' tighinn bho làrach-ghnìomhachais Gordon's Timber ann an ceann a deas a' bhaile.

Thòisich an teine mu 6:45f agus thàinig sia carbadan-smalaidh bho Inbhir Narann agus Inbhir Nis.

Chaidh faisg air an treas cuid den mhuillinn-shàbhaidh a sgrios san teine.

Mhill an ceò pìosan eile den togalach.

Chaidh uidheamachd a sgrios cuideachd.

Fhuair an luchd-smàlaidh smachd air an teine mu 9:00f.

Cha deach duine a ghoirteachadh.

Nithear sgrùdadh a-nis faic dè a dh'adhbhraich an teine.

'S i Gordon's Timber tè de na companaidhean prìobhaideach as motha a tha air a bhith a' toirt cosnaidh sa bhaile thar còrr is ceud bliadhna.