Eileanan Earra-Ghàidheal a' sireadh riochdachaidh

  • 20 An t-Sultain 2013
Suaicheantas na h-iomairt
Image caption Thàinig na trì ùghdarrasan eileanach còmhla airson na h-iomairt air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd.

Bu chòir cothrom a bhith aig eileanan Earra-Ghàidheal a dhol an sàs san iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" còmhla ri comhairlean nan Eilean Siar, Shealtainn agus Arcaibh.

Sin a rèir fhir de chomhairlichean Chinn Tìre agus nan Eilean, Robin Currie, agus e aig co-labhairt na h-iomairt ann an Kirkwall.

Chaidh an iomairt a chur air dòigh leis na trì ùghdarrasan ionadail eileanach leis an amas barrachd chumhachdan fhaighinn dha na comhairlean.

Nas fheàrr còmhla

Thuirt Mgr Currie gu bheil eileanan Earra-Ghàidheal a' cur feum air barrachd chumhachdan cuideachd agus gum biodh an iomairt nas làidire nam biodh iad-san na lùib.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinne, Eileanan Earra-Ghàidheal, nas miosa dheth na na h-Eileanan an Iar agus na h-eileanan shuas aig tuath.

"Bha mi a' smaoineachadh gur e iomairt eileanach a bh' ann, 's e sin a bha mise a' smaoineachadh gum bu chòir na h-eileanan ann an Alba air fad a bhith còmhla," thuirt Mgr Currie.

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul nach urrainn dhaibh a bhith mar phàirt den iomairt seach gu bheil iad fo sgèith Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, ach gum faigh eileanan Earra-Ghàidheal taic bhon iomairt a dh'aindeoin sin.

An Roinn Eòrpa

Dh'innis Ceannard Comhairle Araibh, Steven Heddle, gu bheil an iomairt - am measg eile - ag amas air ceangalan nas làidire leis an Roinn Eòrpa airson guth nas làidire a thoirt dhaibh ann an sin, agus 's dòcha, cothrom air barrachd taic-airgid.

"Gheibheadh sinn sin le inbhe roinneil agus le àite, neo àiteachan, air Comataidh Eòrpach nan Roinnean.

"Dh'fhaodadh gun iarr sinn riochdachadh sa Bhruiseil mar phàirt de riochdachadh nàiseanta na stàite gam buin sinn, ge bith dè an stàite a bhios ann, an Rìoghachd Aonaichte neo Alba," thuirt Mgr Heddle.

Le barrachd aithne aig ìre Eòrpaich bhiodh tuilleadh chothroman aca reachdas Eòrpach a sgrùdadh, an aon seòrsa cothrom 's a tha aig Madeira, na h-Eileanan Azores agus Eileanan Aland an-dràsta.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile