Loidhne-Rèile Mhuile san Òban?

  • 19 An t-Sultain 2013
Loidhne Rèile Mhuile
Dh'fhaodadh gum faigh seann loidhne-rèile Mhuile dachaigh ùr air Tìr-Mòr.

Tha plana air nochdadh gus loidhne-rèile Mhuile fhosgladh às ùr san Òban.

Dh'fhosgail an loidhne eadar Creag an Iubhair agus Caisteal Thorosaidh ann an 1981 agus bha i uair a' giùlain 30,000 de luchd-siubhail sa bhliadhna.

Chaidh an loidhne a dhùnadh ge-tà, nuair a chaidh an caisteal a reic agus a dhùnadh dhan phoball.

Tha e air tighinn am bàrr a-nise gun do cheannaich fear à Sasainn a tha ag obair ann an gnìomhachas na h-ola san Ear-Mheadhanach an loidhne an-uiridh.

Fhuair Sìm Clarke sealbh air einnseanan smùid is diesel, 13 carabadan, is mìle gu leth de loidhne.

Eòlas

Chuir Mgr Clarke eòlas air an Òban nuair a ghluais a phàrantan dhan sgìre.

"Tha mi deònach coimhead ri roghainnean sam bith ann an sgìre an Òbain.

"Bhiodh e anabarrach math nam biodh an loidhne fhathast stèidhichte faisg air far an robh i bho thùs.

"A thaobh luchd-turais a thàladh bhiodh e na bu fhreagarraiche san Òban is bhiodh seallaidhean àlainn ann," thuirt e.

Tha Mgr Clarke mar thà air bruidhinn ri comhairlichean is tha e coltach gu bheil taic ann dha na planaichean aige.

"Chan ann a' lorg taic-airgid a tha e, dìreach gun cuir a' choimhearsnachd taic ris," thuirt tè de chomhairlichean an Òbain, Louise Glen-Lee, a tha cuideachd na tè-labhairt air turasachd do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

"Goireas Ùr"

"Bhiodh e uabhasach math goireas ùr a bhith againn san Òban.

"Tha grunn àiteachan a dh'fhaodadh a bhith freagarrach san Òban agus timcheall air a' bhaile.

"Feumaidh Mgr Clarke tilleadh air ais le làraich is an uair sin a dhol tron phròiseas dealbhachaidh àbhaisteach," thuirt i.

Thathas a' tuigsinn gu bheilear a' beachdachadh air slighe eadar A' Ghaineamh Bhàn is An Dùn Beag air neo fiù 's an loidhne a chur an Cearrara.