Plana Inbhir Narann ga thilgeil a-mach

  • 19 An t-Sultain 2013
Talamh aig Rathad Chaladair. Image copyright Anne Burgess/Geograph
Image caption 'S ann air talamh àitich ri taobh muilleann sàbhaidh a bhiodh an leasachadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air planaichean connspaideach 'son leasachadh taigheadais ann an Inbhir Narann a thilgeil a-mach.

Bha a' Chomhairle roimhe air cead a thoirt do Scotia, Barratt agus Robertson Homes 'son còrr is 300 taigh a thogail air làraich aig Rathad Chaladair ann an ceann a deas a' bhaile.

Choinnich Comataidh an Dealbhachaidh, na h-Àrainneachd agus an Leasachaidh 'son coimhead às ùr air a' ghnothach nuair a thàinig e am bàrr gun robh mearachd ann an aithisg bho oifigear-dealbhachaidh.

Chaidh beachdan bho Chomhairle Coimhearsnachd Baile Inbhir Narann a chomharrachadh gur ann bho Chomhairle Coimhearsnachd Uisge Narann a thàinig iad.

Bhòt

Às dèidh dhaibh tadhal air an làraich às ùr bhòt a' chomataidh 13-8 gus na planaichean a dhiùltadh is iad den bheachd nach eil na rathaidean a th' ann comasach air dèiligeadh ri leasachadh cho mòr.

Tha luchd-iomairt ann an Inbhir Narann a' dèanamh gàirdeachais le co-dhùnadh na comataidh.

Bha an luchd-iomairt a' cumail a-mach bho thùs nach robh rathaidean na sgìre freagarrach 'son leithid de leasachaidh.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Dealbhachaidh, Thomas Pragg, ge-tà gun robh torradh na bhòta a' cur iognadh air.

Thuirt e gu bheil iomagain air a-nise gum faodadh a' Chomhairle smachd air an leasachadh a chall ma nì luchd-leasachaidh ath-thagradh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile