Uisge-beatha Taghte

Uisge-beatha Chaidh an t-ainm a thaghadh leis a' phoball.

Tha taigh-staile Glenmorangie air Taobh Sear Rois, gus ainm Gàidhlig, a chaidh a thaghadh leis a' mhòr-shluagh, a chur air an uisge-beatha ùr aca.

Mhol an sluagh ainmean sa Bheurla, 's chaidh an eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Rinn an taigh-staile fhèin taghadh an uair sin air na bu thoil leotha.

Tha seòrsaichean eile de dh'uisge-bheatha aig a' chompanaidh air a bheil ainmean Gàidhlig cheana, ach 's e seo a' chiad turas a chaidh an t-ainm a thaghadh leis a' phoball.

Thathas a' faicinn seo mar chomharra gu bheil a' Ghàidhlig a' fàs nas cudromaiche ann am margaidheachd airson cuid de ghnìomhachasan.

Dìleab na Gàidhlig

"Feumas e a bhith gu bheil, agus tha iad air grunnan ainmean Gàidhlig a thaghadh roimhe," thuirt an Dr. Aonghas MacCoinnich, a rinn an t-eadar-theangachadh.

"Agus tha iad mothachail cuideachd, tha mi a' smaoineachadh, nuair a chaidh an taigh-staile aca a stèidheachadh anns na h-1920an, gun robh tòrr den luchd-obrach a bha sin aig an àm à Taobh Sear Rois, a' bruidhinn na Gàidhlig - rud a lean gu timcheall air deireadh na 19mh Linn, ged nach eil mòran Gàidhlig ri cluinntinn anns na sgìre sin an-diugh.

"'S e ìomhaigheachd a tha seo. Ach a thaobh na Gàidhlig, tha e math.

"Tha mi cinnteach gu bheil iad air gabhail aire gu bheul dìleab na Gàidhlig ann.

Start Quote

Tha mi cinnteach nach robh a' chompanaidh ag iarraidh ainm a bhiodh anabarrach duilich do dhaoine a ràdh”

End Quote An Dr. Aonghas MacCoinnich A dh'eadar-theangaich an t-ainm

"Bha feadhainn de na h-ainmean air na liostaichean a chuir iad thugam, caran annasach.

"Ach a dh'aindeoin sin, chaidh agam air grunnan ainmean a chur thuca, agus thagh iad trì de na h-ainmean sin aig a' cheann thall.

"'S e Taghte a thagh iad airson a' chiad fhear, Coileanta airson an dàrna fear, agus 's e Salainn anns an treas àite.

"Tha ciall an fhacail sin a rèir 's dòcha cò às a tha daoine.

"Ach chan e droch ainm a th' ann. Chan e 's dòcha an t-ainm a bhithinnsa air taghadh.

"Ach ma tha iadsan toilichte leis, tha mise toilichte gu leòr.

"Tha mi cinnteach nach robh a' chompanaidh ag iarraidh ainm a bhiodh anabarrach duilich do dhaoine a ràdh.

"Agus bhiodh iad ag iarraidh rudeigin a bhiodh an ìre mhath furasta a ràdh, agus tha mi a' smaoineachadh gun tug sin buaidh air an liosta dheireannaich de dh'ainmean a bh' aca," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • FlòdaigearraidhÀrainneachd agus Cànan

    Cùrsa anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh far am faighear briathrachas na Gàidhlig airson leithid lusan agus ainmhidhean.


  • Miss PiggyClò Mòr air a' Bhan-Mhuic

    Chunnacas Miss Piggy ann an deise den Chlò Mhòr a rinneadh le Vivienne Westwood.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.