Tairgse ùr sealgaireachd Ratharsair

  • 18 An t-Sultain 2013
Sealg
Bha fearg ann nuair a thug Riaghaltas na h-Alba còirichean seilge Ratharsair gu buidhinn à Siorrachd Àir.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air cùmhnant ùr airson chòirichean seilge Ratharsair a thabhainn air croitearan an eilein.

Mhaireadh an cùmhant còig bliadhna is bhiodh cothrom ann an leudachadh 'son còig bliadhna eile nan gabhadh na croitearan ris na riaghailtean a bhiodh na chois.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle nas tràithe am bliadhna nuair a thàinig e am bàrr gun robh an Riaghaltas air na còirichean a thoirt do chompanaidh à Siorrachd Àir.

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Whitehouse, gun do rinn South Ayrshire Stalking tairgse gu math nas ìsle na Comann Chroitearan Ratharsair, aig an robh na còirichean fad 18 bliadhna ron a sin.

Dh'adhbhraich an co-dhùnadh ùpraid mhòr agus air a' cheann thall dh'aontaich an Riaghaltas na còirichean a thilleadh dha na croitearan gus an dèanadh iad co-chomhairleachadh air a' ghnothach.

"Follaiseach"

"Bha e follaiseach anns a' cho-chomhairleachadh a rinn sinn gur e na còirichean a chumail aig na croitearan a dh'iarradh a' mhòr-chuid," thuirt Mgr Wheelhouse.

"Dh'iarr muinntir an eilein cuideachd buannachdan a bharrachd dhan choimhearsnachd agus fiosrachadh a bharrachd air mar a tha na còirichean-seilge ann an Ratharsair gan obrachadh.

"Fon tairgse ùr seo chumadh na croitearan na còirichean ach bhiodh an cùmhnant cuideachd a' dèanamh cinnteach gun tigeadh làn-bhuannachd dhan choimhearsnachd agus dhan eilean," thuirt e.

Thèid an Riaghaltas a-nise an sàs ann an còmhraidhean ris na croitearan feuch ciamar a ghabhas an cùmhnant ùr cur an sàs.