Ceist
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gluasad air ceist an referendum

18 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feuchaidh BPA ri bile referendum neo-eisimeileachd na h-Alba atharrachadh gus an nochd a' Ghàidhlig air a' phàipear-bhòtaidh còmhla ris a' Bheurla.

Thuirt Cathraiche Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig, BPA na h-Eaglaise Brice Aonghas MacDhòmhnaill, gun iarr e taic na Pàrlamaid airson ceist an referendum a chur sa Ghàidhlig mus tig a' bhòt mu dheireadh air a' bhile.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh pàipear-bhotaidh anns a' Bheurla a-mhàin.

Tha e air tighinn am bàrr cuideachd gun tèid iarraidh air Coimisean an Taghaidh beachdachadh air an cuireadh pàipear-bhòtaidh dà-chànanach luchd-bhòtaidh troimhe-chèile.