Ceist na ceiste a' leantainn

  • 17 An t-Sultain 2013
Ceist Ghàidhlig
Image caption Tha oidhirp a' leantainn gus toirt air an Riaghaltas aontachadh ri pàipear-baileat dà-chànanach.

Feuchaidh BPA ri bile referendum neo-eisimeileachd na h-Alba atharrachadh gus an nochd a' Ghàidhlig air a' phàipear-bhòtaidh còmhla ris a' Bheurla.

Thuirt Cathraiche Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig, BPA na h-Eaglaise Brice Aonghas MacDhòmhnaill, gun iarr e taic na Pàrlamaid airson ceist an referendum a chur sa Ghàidhlig cho math ris a' Bheurla mus tig a' bhòt mu dheireadh air a' bhile.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh pàipear-bhotaidh anns a' Bheurla a-mhàin.

Thuirt iad gu bheil iad 'son an referendum a stiùireadh ann an dòigh ris am bi luchd-bhòtaidh cleachdte.

Tha e air tighinn am bàrr cuideachd gun tèid iarraidh air Coimisean an Taghaidh beachdachadh air an cuireadh pàipear-bhòtaidh dà-chànanach luchd-bhòtaidh troimhe-chèile.

Sgrìobhadh

Dh'aontaich Comataidh nan Ath-chuingean aig Holyrood Dimàirt sgrìobhadh dhan choimisean às dèidh dhaibh cluinntinn bho fhear-iomairt na Gàidhlig, Iain MacLeòid.

Chuir Mgr MacLeòid ath-chuinge air adhart mun ghnothach is còrr is 700 duine air an ainm a chur ris.

Thug Mgr MacLeòid fianais anns a' Ghàidhlig dhan chomataidh agus thuirt e gur e ceist bheag shìmplidh anns a' Ghàidhlig a bhiodh ann, is nach bu chòir an leithid mì-chinnt sam bith a dhèanamh.

Thuirt e gu bheil pàipearan dà-chànanach air a bhith ann tric ann an taghaidhean san Rìoghachd Aonaichte.

Air a' cheann thall dh'aontaich a' chomataidh sgrìobhadh gu Coimisean an Taghaidh gus am beachd fhaighinn air a' chùis.