Obair a' dol air an Loch Seaforth

  • 17 An t-Sultain 2013
Stàilinn Image copyright Other
Image caption A' chiad phìos stàilinne den Loch Seaforth ga ghearradh anns a' Ghearmailt.

Chaidh a' chiad phìos stàilinne a ghearradh airson na bàt'-aiseig ùr a bhios a' dol eadar Ulapul is Steòrnabhagh, an MV Loch Seaforth.

Thathas a' togail a' bhàta ann an Garradh Flensburger Schiffbau-Gesellschaft MBH & Co KG ann am Flensburg sa Ghearmailt.

Air a' cheann thall bidh am bàta 116 meatairean a dh'fhaid is bidh àite ann do 700 de luchd-siubhail is 143 càraichean no 20 carbad bathair.

Bidh e comasach dhan bhàta siubhail air ais is air adhart là sa dh'oidhche is bheir i seirbheis seachad do luchd-siubhail agus do chompanaidhean bathair.

Thathas an dùil gum bi an Loch Seaforth deiseil sa Ghearran 2014 agus gun tòisich i air an t-slighe eadar Leòdhas is Tìr-Mòr anns an t-Samhradh.

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad air cùmhnant a thoirt seachad dhan chompanaidh Seatruck Ferries 'son na seirbheis bathair eadar Steòrnabhagh is Ulapul gus an tòisich an MV Loch Seaforth.

'S e an MV Clipper Ranger aig Seatruck a bhios air an t-slighe fhad 's tha an Loch Seaforth ga togail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile