Leudachadh aig Ionad nan Tursachan

  • 17 An t-Sultain 2013
Ionad nan Tursachan Image copyright M J Richardson
Image caption Tha barrachd dhaoine air tadhal air na Tursachan am bliadhna.

Tha dùil gun tig leudachadh air Ionad nan Tursachan ann an Calanais ann an Leòdhas is seusan air leth soirbheachail air a bhith ann.

Thàinig àrdachadh 10% air na tha de luchd-turais a tha air tadhal air na Tursachan am bliadhna is tha an t-ionad cuideachd air barrachd airgid a thoirt a-steach.

Is coltach gun tug na h-uidhir de rudan buaidh air sin, nam measg mar a bha na Tursachan nam pàirt de sgeulachd an fhiolm 'Brave'.

"Tha tòrr a bharrachd dhaoine a' tighinn agus tha iad a' fuireach nas fhaide," thuirt Aonghas MacChoinnich, a tha ag obair ann an Ionad nan Tursachan.

Sìde mhath

"Tha tòrr phrògraman telebhisein air a bhith ann agus fiolmaichean mar Brave, tha sin a' toirt dhaoine an taobh seo, agus an t-sìde mhath a fhuair sinn cuideachd.

"Tha tòrr a bharrachd Chanadianach is Aimeirgeanach a' tiginn an taobh seo.

"Tha busaichean de luchd-turais a' tighinn, tha mi a' creidsinn gun robh dusan aca ann am bliadhna is tha iad a' dol a thighinn an ath-bhliadhna agus a' bhliadhna às dèidh sin cuideachd.

"S dòcha gum bi e ann 'son dhà no trì bliadhna air sgàth Brave," thuirt e.

Leudachadh

'S e cho trang 's a tha an t-ionad a tha a' fàgail gu bheilear a-nise a' coimhead ris na goireasan a leudachadh.

"Tha trupan an seo tha daoine a' tighinn dhan doras is a' tilleadh air ais, chan fhaigh iad seat. Chan eil e math a bhith a' tilleadh dhaoine air ais, tha sin a' cantainn nach eil sinn a' dèanamh an joba againn ceart," thuirt Aonghas MacChoinnich.

"Tha sinn a' coimhead ri dhà no trì rudan an-dràsta is rinn sinn joba dha balach a dh'fhàg a' chòlaiste am bliadhna.

"Tha e a' dol a thòiseachadh còmhla rinn agus 's e an joba aigesan a bhith a' coimhead 'son airgid 'son nam planaichean is a' feuchainn ri toirt sin tòrr nas fhaide.

"Bidh àite an uair sin aig daoine ri dhol nuair a bhios e ag uisge," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile