Taigh Mòr Ratharsaigh ga fhosgladh gu h-oifigeal

  • 16 An t-Sultain 2013
Taigh Mòr Ratharsaigh Image copyright RHCC
Image caption Chosg an obair-leasachaidh £4.5m

Thèid Taigh Mòr Ratharsaigh fhosgadh gu h-oifigeal Dihaoine, às dèidh obair-leasachaidh a chosg £4.5m.

Bha dùil gum biodh an obair deiseil ann an 2009, ach chaidh an togalach na smal goirid mus deach crìoch a chuir air an obair-leasachaidh.

B' fheudar dha Companaidh Choimhearsnachd Thaigh Mòr Ratharsaigh tòiseachadh air an obair às ùr.

Dùbhlan

Cheannaich a' chompanaidh choimhearsnachd Taigh Mòr an eilein bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an 2007, a' cleachdadh Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn.

A thuilleadh air an teine a rinn sgrios air an togalach, thàinig tuilleadh màill air an obair-leasachaidh ann an 2010 nuair a chaidh am prìomh chompanaidh a bha a' dèanamh na h-obrach fodha.

Chaidh criòch a chuir air an obair ge-tà anns a' Mhàrt am bliadhna.

'S e companaidh a tha a' tabhainn cur-seachadan air a' bhlar a-muigh, Raasay Outdoor Centre Ltd, a bha stèidhichte anns an togalach mus deach an obair a dhèanamh agus tha iad a-nis air gluasad a-steach ann a-rithist.

Thurit Cathraiche Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Lorne Crear, gum faodadh Taigh Mòr Ratharsaigh feum mhòr a dhèanamh do dh'eaconomaidh agus beatha shòisealta an eilein.

'S e am Ball Pàrlamaid Teàrlach Ceanadach a dh'fhosglas an togalach gu h-oifigeal Dihaoine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo