Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Lib Deamaich

Tha a h-uile coltas ann gum bhòt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, leis a' phàrtaidh aige air ceist na h-eaconomaidh aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Glaschu. Sin às dèidh dha a ràdh roimhe nach robh e a gu bhith an lathair. Chaidh Ceannard a' phàrtaidh, Nick Clegg, às àicheadh gu bheil sgaradh bheachd eadar e fhèin agus Mgr Cable mu phoileasaidhean eaconamach Riaghaltas na co-bhanntachd. Bruidhnnidh Mgr Clegg feasgar aig a' cho-labhairt agus thuirt e gu bheil e fhèin agus Mgr Cable air an aon ràmh mun phoileasaidh eaconomach.

Subsadaidh

Gheibh companaidhean cumhachd ath-nuadhachail bun-phrìs nas àirde airson tuathan-gaoithe a steidheachadh anns na h-Eileanan Siar, Sealltainn agus Arcaibh. Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Ed Davey, gum faigh companaidhean ceud agus coig nòt deug airson gach megawatt a chruthaicheas na pròiseactan aca - gach uair a thìde. Sin còig nota deug nas àirde - na a' phrìs dhan chòrr de Bhreatainn.

An Caol Arcach

Aig an aon àm, chuir Ministear Cumhachd Riaghaltas na h-Alba, Fearghas Ewing, a thaic ri planaichean airson a' phròiseict a tha a' cleachdadh an làin cho mòr 's a bhios anns an Roinn Eòrpa, sa Chaol Arcach. Thuirt an Riaghaltas gum faodadh, aig a cheann thall, gun cum am pròiseact dealan ri dà fhichead às a cheud de dhachaighean air a' Ghàidhealtachd.

Costa Concordia

Thòisich iomairt gus soitheach-luchd turais a chaidh air na creagan air eilean far chosta na h-Eadailt an uiridh - a thoirt às an uisge. Tha luchd-einsineeridh a' feuchainn ris an t-soitheach a thogail, le bhith a' cleachdadh seinichean mòra. Chaidh dà dheug thar fhichead duine a mharbhadh air bòrd a' Chosta Concordia an uiridh.

Croitearachd

Chaidh teagamhan a thogail mun a' bheachd gus croitearachd a' leudachadh a-mach gu sgìre Mhoireibh. Chaidh an sgìre a thoirt a-steach dhan na Siorrachdan Croitearachd fon Achd ùr. Ach chan eil croitean sam bith ann am Moireibh aig an ìre-sa, agus chan eil càil a choltas gum bi, leis gun toireadh e sìos pris an fhearainn - nan cruthaicheadh uachdaran na sgìre croitean. Thuirt am fear-lagh Calum MacLeòid gur ann à coimhearsnachdan a bhith a' ceannach an cuid fhearainn a-mhàin - as coltaiche a thigeadh fàs air croitearachd.

Billy Connolly

Chaidh innse an-diugh gun deach an cleasaiche agus an comedian Billy Connolly fo obair-lannsa, airson aillse prostate. Dh'innis labhraiche dha gu robh e cuideachd a' faighinn leigheis airson comharran tràth gu bheil an tinneas Parkinson's a' tighinn air.

Geamaichean a' Cho-fhlaitheis

Agus 's e seo an latha mu dheireadh ma tha sibh airson tagradh a chuir a-steach airson ticeardan fhaighinn airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu air an ath-bhliadhna. Bidh cothrom aig a' phoball air mu mhillean ticeard, agus tha iarrtas mòr air a bhith ann bhon a chaidh iad air a' mhargaidh air a' mhìos a chaidh - gu h-àraidh airson spòrs leithid snàmh, rothaireachd agus luth-chleasachd.