Urram dha sgrìobhadair Leòdhasach

  • 16 An t-Sultain 2013
Calum MacAoidh
Image caption 'S e "How a Gunman Says Goodbye" an dàrna leabhar aig Calum MacAoidh

'S e an t-ùghdar Calum MacAoidh à Steòrnabhagh a bhuannaich duais leabhar eucoir Albannach na bliadhna-sa aig fèis litreachais ann an Sruighlea aig an deireadh-sheachdainn.

Bha an duais na pàirt de dh'fhèis litreachais eadar-nàiseanta Bloody Scotland a tha a' comharrachadh nan leabhraichean eucoir as fheàrr.

'S e "How a Gunman Says Goodbye", a tha stèidhichte ann an Glaschu, an dàrna leabhar aig Calum MacAoidh.

Bha e a' farpais ri leabhraichean le leithid Ian Rankin agus Val McDermid airson na duais.

Bha Magnus Linklater, a bha roimhe na fhear-deasachaidh air an Times, a-measg nam brithreamhan air an fharpais.

Thuirt e gu robh leabhar Mghr MhicAoidh a' toirt "rudeigin ùr" gu leabhraichean eucoir.

"Urram mòr"

Thuirt an t-ùghdar gur e urram mòr a bh' ann dha an duais a thogail, agus nach robh càil a dhùil aige ris.

"Tha mi fhathast a' faireachdainn coltach ri leanabh beag aig bòrd nan inbheach" thuirt e.

Tha dùl gun tèid an ath-leabhar aige fhoillseachadh an ath-bhliadhna.