"Barrachd airgid a dhìth bhon Riaghaltas"

Suaicheantas na h-iomairt Tha na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn ag iarraidh tuilleadh chumhachdan

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha fear de bhuill Chomhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, ag ràdh gum bu chòir dhan na comhairlean eileanach tuilleadh airgid iarraidh bhon Riaghaltas mu choinneamh cho iomallach 's a tha iad.

Bha Mgr Crichton a' toirt seachad a bheachd 's riochdairean nan comhairlean eileanach gu bhith a' tighinn còmhla aig co-labhairt mhòir ann an Arcaibh Diardaoin.

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn a' strì airson tuilleadh smachd air na gnothaichean aca fhèin.

A-measg na dh'iarradh iad tha cothrom air airgead Oighreachd a' Chrùin.

Ceist an airgid

Tha Mgr Crichton ag ràdh gur e ceist an airgid a bu chòir a bhith aig mullach a' chlàir-ghnothaich aig a' choinneimh sin.

Start Quote

Aig an àm seo tha mi a' smaoineachadh gu bheil suidheachadh sònraichte againn mar eileanan agus bu chòir dhuinn cuideachd a bhith a' toirt dhachaigh orra airson airgead às ùr fhaighinn airson seirbheisean.”

End Quote An Comh. Dòmhnall Crichton Comhairle nan Eilean Siar

"Bu chòir dhuinn cuideachd a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn mar a tha na comhairlean ionadail anns na h-eileanan a' faighinn airgid bhon Riaghaltas - dè seòrsa mechanism a th' againn an-dràsta - chan eil e a' toirt a-steach cho iomallach 's a tha sinn mar eileanan 's chan eil e a-toirt a-steach an suidheachadh eaconomach duilich a th' againn mar eileananan", thuirt e.

Tha Mgr Crichton ag ràdh gur ann air leithid rathaidean agus foghlam a dheigheadh an t-airgead a bharrachd sin a chosg.

"Aig an àm seo tha mi a' smaoineachadh gu bheil suidheachadh sònraichte againn mar eileanan agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an iomairt a tha na comhairlichean ionadail againn anns na h-eileanan a' cur air adhart aig an àm a tha seo cudromach agus bu chòir dhuinn cuideachd a bhith a' toirt dhachaigh orra airson airgead às ùr fhaighinn airson seirbheisean", thuirt e.

Thuirt e nach ann idir a' strì ri comhairlean eile a tha iad airson barrachd airgid, agus gu bheil an aon chothrom aca-san an cuid fheumalachdan a chuir mu choinneamh an Riaghaltais.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.