Buannachd dha tuathan-gaoithe eileanach?

  • 16 An t-Sultain 2013
Cruinn-ghaoithe
Image caption Tha dòchas ann gum faodadh an taic-airgid a bharrachd a bhith na bhrosnachadh do chompanaidhean tuathan-gaoithe a stèidheachadh anns na h-eileanan

Dh'ainmich Rùnaire a' Chumhachd, Ed Davey, gun tig àrdachadh air an t-subsadaidh a gheibh companaidhean a stèidhicheas tuathan-gaoithe anns na h-Eileanan Siar, an Arcaibh agus ann an Sealtainn airson na chruthaicheas iad de dhealan.

A' bruidhinn aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Glaschu, dhearbh Mgr Davey gun tèid an suim a gheibh companaidhean airson gach megawatt de dhealan a chruthaicheas iad gach uair a thìde le pròiseactan anns na h-eileanan sin a chuir an àirde bho £100 gu £115.

Thuirt e gun dèan seo cùisean nas fhasa do chompanaidhean a dhol air adhart le tuathan-gaoithe anns na sgìrean sin, agus gun cruthaich e obraichean.

Tuilleadh rannsachaidh

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul ge-tà, gum feumar tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh feuch a bheil an t-àrdachadh a dh'ainmich Rùnaire a' Chumhachd mòr gu leòr.

"'S e an rud a dh'fheumas sinn a dhèanamh a-nis 's e obrachadh a-mach a bheil an t-àrdachadh mòr gu leòr mu choinneamh na chosgas e do chompanaidhean an cumhachd a thoirt gu tìr-mòr, agus airson an caball fhaighinn" thuirt e.

Thuirt e gur e an caball airson cumhachd a thoirt gu tìr-mòr fhathast an rud as deatamaich.

'S iad a-mhàin pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail air tìr a gheibh buannachd bhon sgeama subsadaidh ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile