Bail' Ùr an t-Slèibh 3 Caol Bhòid 0

  • 15 An t-Sultain 2013
Jamie Robinson Image copyright Comann na Camanachd
Image caption Sgiobair a' Bhail' Ùir agus sàr chluicheadar an là, Jamie Robinson.

Thill Cupa na Camanachd gu Bail' Ùr an t-Slèibh is an sgioba a' soirbheachadh 3-0 an aghaidh Chaol Bhòid sa Ghearasdan.

Thòisich sgioba Thaigh na Bruaich - a bha a' dìon a' chupa - gu làidir ged nach deach aca air deagh chothroman sam bith a chruthachadh.

Ghabh iad aithreachas airson sin às dèidh 14 mionaidean is Am Bail' Ùr a' dol air thoiseach le tadhal bho astar bhon sgiobair aca, Jamie Robinson.

Grèim

Ghabh Am Bail' Ùr grèim air a' ghnothach às dèidh sin son a' mhòr-chuid den chiad là is bhiodh iad air tadhail a bharrachd a chur mura b'e Coinneach Dòmhnallach eadar na puist do Chaol Bhòid.

Thòisich na Deasaich na b' fheàrr a-rithist às dèidh letheach ùine agus a-rithist chaill iad tadhal nuair a bha làmh an uachdair aca, Glenn Mac an Tòisich an turas seo às dèidh leth uair a thìde le tadhal a chruthaich e dha fhèin.

Chum Caol Bhòid orra ach cha robh coltas ann gun robh gu leòr aca son faighinn air ais dhan gheama is chuir Danny MacRath crìoch air a' ghnothach leis an treas tadhal ann an 85 mionaidean.

Am Bail' Ùr gu math airidh air a' chupa is iad pìos math air thoiseach ann an geama nach do ràinig an ìre 's dòcha a bha mòran a' sùileachadh.

Air leth

Là air leth gu sònraichte do sgiobair a' Bhail' Ùir, Jamie Robinson, a thog duais shàr-chluicheadar a' gheama cho math ri Cupa na Camanachd fhèin.

Abair tlachd dha às dèidh dha càirt dhearg fhaighinn nuair a chaill Am Bail' Ùr ri Caol Bhòid ann an Cupa MhicAmhlaidh bho chionn mìos.

Bidh aithreachas air Caol Bhòid is iad car truagh ann an geama cho mòr is ceist cuideachd mu chruth na sgioba.

Tha beagan obrach aca a-nise anns na seachdainnean ri tighinn gus dèanamh cinnteach gun cum iad an t-àite aca sa Phrìomh Lìog.

Sàsaichte

Tha Am Bail' Ùr a-nise air Cupa na Camanachd a bhuannachadh 30 turas agus le prìomh dhuais na spòrs agus a' Phrìomh Lìog aca air an t-seusan seo bidh iad tuilleadh is sàsaichte leis a' bhliadhna aca.

Rinn iad beagan eachdraidh cuideachd is iad a' dol tro Chupa na Camanachd gun tadhal a chall.

'S iad dìreach an darna sgioba a tha air sin a dhèanamh - 90 bliadhna às dèidh mar a chaidh dhan Fhùrneis ann an 1923.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile