Coinneamh Eastern Airways

Port-adhair Obar Dheathain Tha luchd-obrach na h-ola anns na h-Eileanan Siar ag ràdh nach eil an clàr-ama eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain freagarrach dhaibh.

Sgeulachdan co-cheangailte

Thuirt a' chompanaidh Eastern Airways gu bheil iad deònach a dhol an sàs ann an còmhraidhean mun t-seirbheis aca eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain.

Thòisich luchd-obrach na h-ola anns na h-Eileanan an Iar a' gearan bho chionn fhada nach eil an t-seirbheis freagarrach dhaibh.

Tha iad ag ràdh gu bheil am pleana a' siubhal aig àm ann am meadhan an là a tha a' ciallachadh gu bheil iad a' call là aig ceann gach turas dhan Chuan a Tuath.

Tha fear de chomhairlichean Loch a Tuath an Leòdhas, Dòmhnall Crichton, am measg na th' air a bhith a' feuchainn ri fuasgladh a lorg, is tha e ag ràdh gur e adhartas a th' ann gu bheil a' chompanaidh airson bruidhinn mun t-suidheachadh.

"Cha creid mi nach eil a h-uile duine a' smaoineachadh gu bheil an t-seirbheis a tha iad a' faighinn bho Eastern Airways math, ach 's e nach eil an clàr-ama ceart aca agus chan eil e comasach dha na balaich a tha ag obair anns an roinn sin (roinn na h-ola) faighinn dhachaidh agus faighinn dhan obair ann an aon là.

"Tha aca ri dhol gu Inbhir Nis is an uairsin bho Inbhir Nis gu Steòrnabhagh is tha sin a' toirt a-mach dà là às na làithean a th' aca dheth", thuirt e.

Thuirt an Comhairliche Crichton cuideachd gum biodh buannachdan ann do dh'Eastern Airways fhèin nach rachadh an clàr-ama atharrachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-àireamhan (air an t-seirbheis) a' dol sìos air sgàth 's nach eil an clàr-ama freagarrach dha daoine a tha a' siubhail air ais is air adhart gu Obar Dheathain.

"Nam biodh iad ag atharrachadh a' chlàir-ama, tha mi a' smaoineachadh gum biodh na h-àireamhan a' dol suas is gur e rud gu math prothaideal a bhiodh ann dhan chompanaidh", thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.